Corp air fhaighinn air Beinn Nibheis

Harvey ChristianTùs an deilbh, POILEAS ALBA
  • Air fhoillseachadh

Chaidh corp a lorg air Beinn Nibheis as deidh rannsachadh airson fear a chaidh air chuairt san sgìre bho chionn trì bliadhna.

Tha dùil gun deach Harvey Christian à Siorrachd Cambridge, a bha 42, air chuairt air Beinn Nibheis san Fhaoilleach 2023 ach cha do thill e riamh.

Rinn sgiobannan teasairginn, còmhla ri heileacoptair nam Maor-Cladaich agus sgioba chon-sgrùdaidh iomairtean feuch Mgr Christian a lorg ann an aimsir dhùbhlanaich.

Chaidh an càr Vauxhaull Crossland X dubh aige a lorg ann an camas-parcaidh ann an Gleann Nibheis.

Goirid ro 12:00f Disathairne chaidh corp a lorg air taobh a deas na beinne.

Cha deach aithne fhoirmeil a dhèanamh fhathast ach thuirt Poileas Alba gun deach innse do teaghlach Mhgr Christian.

Chan eil dùil gu bheil càil amharasach mun chùis agus thèid aithisg a chur gu Neach-Casaid a' Chrùin.