Naidheachdan 11:00m

Cogadh an aghaidh Iorain

Dh'innis Israel gun do bhuail iad prìomh thogalaichean tèarainteachd ann an Ioran air a' chòigeamh latha den chogadh. Tha arm Israel a' toirt ionnsaigh cuideachd air oifigich Hezbollah ann an Lebanon agus tha aithrisean ann gun deach na h-uimhir de dhaoine a mharbhadh an sin. Thuirt na Stàitean Aonaichte gun do bhuail iad faisg air 2,000 targaid ann an Ioran bho thòisich an ionnsaigh Disathairne agus gu bheil Ioran mu choinneimh sin air 2,000 dròn a losgadh air ais.

Breatannaich san Ear-Mheadhanach

Thig itealain choimeirsealta à Oman a-nochd le Breatannaich a leig fhaicinn dhan riaghaltas gu bheil ag iarraidh dhachaigh às an Ear-Mheadhanach. Agus tha companaidhean adhair eile a' tabhann sheirbheisean air ais dhan Rìoghachd Aonaichte à Dubai agus Abu Dhabi an-diugh. Tha 130,000 Breatannach air innse do dh'Oifis na Dùthcha gu bheil iad anns an Ear-Mheadhanach.

Ionnsaigh le bàta-aiginn

Tha còrr agus 100 maraiche a dhìth an dèidh ionnsaigh a thug bàta-aiginn air soitheach Ioranianach faisg air Sri Lanka. Tha na h-ùghdarrasan ann an Sri Lanka ag ràdh gun do rinn iad cobhair air 30 duine. Cha tuirt riaghaltas Shri Lanka dè thachair.

Staid phrìosanan na h-Alba

Tha feum air leasachadh san aithghearrachd air trioblaidean ann am prìosanan na h-Alba, a rèir aithisg bhliadhnail Àrd-Neach-Sgrùdaidh nam Prìosan. Tha an aithisg ag ràdh gu bheil prìosanan a' cur thairis, nach eil goireasan neo seirbheisean aig ìre agus gu bheil bàs sna prìosanan aig an ìre as motha a-riamh. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad ag obair air na cùisean sin còmhla ri Seirbheis nam Prìosan agus còmhla ri buidhnean eile.

Dragh mu chùmhnantan aiseig

Tha dragh air Cathraiche Comataidh na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar gun deach cùmhnantan airson da bhàta-aiseig ùr a thoirt gu dìreach do Ghàrradh MhicFhearghais. Tha iad sin airson slighean Chaolas na Hearadh agus Caolas Bharraigh ach tha dragh air Ùisdean Robasdan mu eachdraidh Ghàrradh MhicFhearghais le maill agus cosgais a' togail dà bhàta eile do Chal Mac, an Glen Sannox agus an Glen Rosa.

Leisgeul

Dh'iarr Comhairle Pheairt 's Cheann Rois an leisgeul a ghabhail airson mar a chaidh deugaire air a bheil autism fhàgail ann am bochdainn agus salachar an dèidh bàs a mhàthar. Chaidh an gille, 13, fhaighinn ann an taigh làn sgudail agus botail ann am Peairt. Bha trioblaid dibhe aig a mhàthair air an tàinig bàs aithghearr le aillse. Ghabh a' chomhairle ri gearan a rinn athair a' ghille.