Binn prìosain air fear a dh'èignich deugaire is a thug ionnsaigh air nighean aois trì

An Àrd-Chùirt ann an Dùn ÈideannTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Chuala an Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann gun robh Christopher Ross a' dol às àicheadh gun tug e na h-ionnsaighean

  • Air fhoillseachadh

Chaidh fireannach a chur dhan phrìosan airson naoi bliadhna airson ionnsaighean a thoirt air nigheanan a bha trì bliadhna agus 15 bliadhna de dh'aois.

Dh'èignich Christopher Ross, 65, an deugaire ann an Inbhir Nis ann an 2006 agus thug e ionnsaigh fheiseil air an nighean a b' òige ann am baile air a' Ghàidhealtachd san Dàmhair 2022.

Chaidh e às àicheadh nan casaidean ach chaidh fhaighinn ciontach le diùraidh aig an Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann air a' mhìos a chaidh.

A' toirt seachad binn, thuirt am britheamh Simon Collins KC gun do rinn e "cron maireannach air slàinte-inntinn" na h-ighne as sine a dh'fhuiling leis.

Bha dàil air a chur air a' bhinn air Ross, à Inbhir Nis, gu Diciadain gus am faigheadh an Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann aithisgean.

Thuirt am Britheamh Collins: "Chunnaic mi teisteanas neach-fulaing a thugadh dhan chùirt.

"Tha e a' mìneachadh gu mionaideach gun do dh'fhàg thu i le cron saidhceolach airson grunn bhliadhnaichean. "

Na bu thràithe sa phròiseas laghail, chuala a' chùirt nach deach am boireannach air an tugadh ionnsaigh nuair a bha i 15 dha na poilis gu 2022.

Ge-tà, dh'innis i mar a thachair do charaid san sgoil an ath-là a thuirt gun robh i a' coimhead "troimh-chèile" agus "mi-shocair".

Thuirt an caraid gun do dh'innis i dhi gun robh i air a bhith ag òl ann am flat agus gun robh còir gun robhar gu bhith ga toirt dhachaigh, ach cha do thachair sin agus chaidh a h-èigneachadh.

An dèidh dhan bhoireannach a dhol dha na poilis, dh'ainmich i Ross mar an neach-ionnsaigh a-mach à loidhne-aithneachaidh.

Bha Ross a' cumail a-mach nach b' aithne dha i nuair a bha e a' toirt seachad fianais.

Chaidh e às àicheadh gun tug e ionnsaigh fheiseil air an tè as òige 's e ag ràdh: "Cha chuirinn mo làmh oirre san dòigh sin a chaoidh."

An dèidh dhaibh fhaighinn ciontach, chuala an diùraidh gun deach Ross a dhìteadh roimhe airson ionnsaigh dhrabasta ann an 1999, ach nach d' fhuair e e binn prìosain.

Chuir am britheamh Collins Ross air Clàr nan Drabastairean fad a bheatha.