Cead seann eaglais san Ìochdar a dhèanamh na thaigh

Eaglais na Buaile DuibheTùs an deilbh, Google
  • Air fhoillseachadh

Chaidh cead a thoirt seachad airson seann eaglais ann an Uibhist a Deas a dhèanamh na dachaigh.

Tha Eaglais na Buaile Duibhe - "an Eaglais Bheag" mar a th' aig daoine oirre - anns an Ìochdar air a clàradh aig Ìre C.

Chaidh a togail ann na 1889 do dh'Eaglais na h-Alba, 's i air a dealbh leis an ailtire Dàibhidh Mac an Tòisich, ach dhùin i bho chionn grunn bhliadhnaichean.

Nì a' chompanaidh IKG Architects obair gus a h-atharrachadh gu bhith na dachaigh-còmhnaidh le trì seòmraichean-cadail às leth chùmhnantaiche.

Mar phàirt den leasachadh thèid an togalach a leudachadh aig aon taobh agus aig a chùl.

Thèid cuideachd dorsan agus uinneagan ùra a chur ann, agus leagar pàirt den ghàrradh mu timcheall airson 's gum faigh carbadan thuice.

Thug seirbheis arceòlais Comhairle nan Eilean Siar iomradh air mar a bha an togalach a' crìonadh thairis air grunn bhliadhnaichean.

Gearan

Chaidh aon ghearan a thogail an aghaidh a' phlana fhad 's a bha conaltradh ga dhèanamh, le dragh nach robh na bha san amharc bàidheil don ùidh shònraichte ailtireachd a bha san togalach.

Chaidh oifigearan dealbhachaidh an aghaidh sin ge-tà, agus thug iad iomradh air mar a chaidh cead a thoirt seachad roimhe ann an 2018, ged a tha an togalach air crìonadh a bharrachd bhon àm sin.

Chuir iad cùmhnantan an cois a' chead ge-tà, gum feumar brath a thoirt seachad air mar a chlàrar arceòlas mus tòisich an obair-togail.

Feumaidh na stuthan togail a thèid a chleachdadh a bhith air aontachadh an toiseach cuideachd.

Seasaidh an cead-dealbhachaidh airson trì bliadhna.