
Tha Harvey Christian 42 bliadhna a' dh'aois agus a' buntainn do Shiorrachd Chambridge
Thòisich iomairt teasairginn a-rithist Diluain airson lorg fhaighinn air fear a tha a dhìth an dèidh dha a dhol a-mach a choiseachd air Beinn Nibheis.
Tha na Poilis ag ràdh gu bheil dragh orra mu shàbhailteachd Harvey Christian, 's dùil gun do thòisich e air a' bheinn a dhìreadh Dihaoine.
Tha sgiobannan teasairginn Loch Abair agus Ghleann Comhann, a tha ag obair le coin, an sàs san iomairt airson lorg fhaighinn air Mgr Christian a tha 42 's a bhuineas do Shiorrachd Chambridge.
Tha iad cuideachd air taic fhaighinn bho heileacoptair nam maor-cladaich.
Lorgadh càr Mgr Christian ann an camas-rathaid ann an Gleann Nibheis.

Rinn gaoth mhòr agus uisge trom cùisean doirbh thairis air an deireadh-sheachdain.
Thuirt na poilis gu bheil e as coltaiche gur ann bhon ionad-tadhail ann an Gleann Nibhis a bhiodh Mgr Chrsitian air tòiseachadh air a shlighe.
Tha na Poilis ag iarraidh air duine sam bith a bha a' coiseachd san sgìre thairis air an deireadh-sheachdain thighinn a bhruidhinn riutha.
Thuirt iad gu bheil iad airson a lorg cho luath 's a ghabhas.