Riaghaltas na h-Alba "misneachail" gun gabh cùmhnant 'son bàtaichean-aiseig a thoirt seachad gun farpais

Rùnaire na Còmhdhail, Fiona Hyslop Tùs an deilbh, PA Media
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt Rùnaire na Còmhdhail gu bheil iad misneachail gun gabh an t-òrdugh airson dà bhàta-aiseig beag a thogail a thoirt gun farpais

  • Air fhoillseachadh

Tha Rùnaire na Còmhdhail ag ràdh gu bheil i misneachail gun gabh cùmhnant a thoirt gu dìreach do Ghàrradh MhicFhearghais airson dà aiseag ùr do Chaolas Bharraigh agus Caolas na Hearadh.

Dh'innis Fiona Hyslop Dimàirt gum bu mhiann le Riaghaltas na h-Alba gum faigh an gàrradh am Port Ghlaschu an obair airson nam bàtaichean-aiseig beaga gun phròiseas tagraidh a bhith ann.

Dhearbh Ms Hsylop aig a' cheart àm gum feumadh sgrùdadh a bhith air a dhèanamh aig a' ghàrradh fhèin agus gum feumadh am plana a dhol tro Ùghdarras na Farpais agus nam Margaidhean.

Tha Comhairle nan Eilean Siar am measg na tha air dragh a nochdadh mun naidheachd agus an obair-togail air dà bhàta-aiseig mhòr aig a' ghàrradh bliadhnaichean air dheireadh agus na milleanan mòra thairis air buidseat.

Nochd an cuspair ceann aig deasbad aig Holyrood Diciadain a dh'iarr na Libearalaich Dheamocratach, 's iad ag ràdh gur e "ro-innleachd leantainneach" a tha a dhìth air seirbheisean aiseig agus puirt na dùthcha.

Bha ceist air a' bhall Lib Deamach, Jamie Greene, mu laghalachd co-dhùnadh an riaghaltais leis gun tuirt an riaghaltas roimhe nach gabhadh cùmhnant a thoirt seachad gu dìreach nuair a dh'iarr buill orra sin a dhèanamh.

"A-nis, thathar ag innse dhuinn gun urrainn dhaibh ach tha diofar mòr ann eadar a bhith ag ainmeachadh miann cùmhnant a thoirt seachad agus a bhith da-rìribh a' toirt seachad cùmhnaint," thuirt e.

Dhearbh Fiona Hyslop gum biodh iad a' leantainn a' phròiseis laghail agus gun robh iad "fada nas misneachaile gun gabhadh e a dhèanamh mar seo agus 's e sin as coireach gun do dh'fhoillsich mi sin an-dè".

Barrantas ga shireadh nach bi dàil agus cosgais ro mhòr ann

Bha na Tòraidhean a' faighneachd ciamar a dhèanadh Riaghaltas na h-Alba cinnteach gun rachadh bàtaichean-aiseig Chaolas na Hearadh is Caolas Bharraigh a chrìochnachadh aig Gàrradh MhicFhearghais gun a bhith a' cosg tuilleadh 's a chòir agus a' toirt ro fhada.

"Cha choisinn briathran blàth agus brathan-naidheachd earbsa a' phobaill às ùr," thuirt am ball Tòraidheach Sue Webber.

Dh'iarr na Làbaraich gum bi prògram leantainneach stèidhichte airson aiseagan ùra òrdachadh an àite a bhith a' feitheamh airson an fheadhainn a th' ann a bhith a' tòiseachadh a' briseadh sìos.

Thuirt am ball Làbarach Gàidhealach, Rhoda Ghrannd: "Feumaidh Alba riaghaltas air nach eil eagal gnìomh a dhèanamh, nach bi a' cur dàil gu a-màireach air na dh'fheumas a bhith air a dhèanamh an-diugh."