'S i Kara Hanlon a bha sa chiad àite ann an rèisean dearbhaidh an 50m breaststroke aig Geamannan nan Eilean ann an Arcaibh.
Bhrist Kara clàr nan Geamannan le uair de 30.70 diog - clàr a bh' aice fhèin roimhe aig 31.00.
Thèid i sa chuairt dheireannaich a-nochd fhathast mu 7:00f.
A bharrachd air soirbheachas Kara, chaidh sianair bho sgioba snàimh nan Eilean Siar nas luaithe na chaidh iad roimhe.
Ghearr Kyle Dòmhnallach 35 diog far an àm as luaithe aigesan riamh san rèis 200m butterfly, chriochnaich e ann an 2.20.60.
Rinn Aleah NicDhòmhnaill an aon rud, a' toirt 16 diog far an àm as luaithe aice thar 100m butterfly, chaidh i ann an 1.18.67, agus chaidh Mark Moireasdain sia diogan nas luaithe na chaidh e roimhe san 100m breastroke.
Chrìochnaich esan ann an 1.13.67.
San aon fharpais ri Kara, bha Eva NicSuain diog nas luaithe na an clàr aicesa aig 38.69.
Agus ann an rèis 200m freestyle nam fear bha Ruaraidh Ovenstone an ìre mhath còig diogan nas luaithe na roimhe, aig 2.37.41 agus bha Mata Hanlon diog na luaithe na rinn e ron seo aig 2.23.86.
Ach a dh'aoindeoin an t-soirbheachais sin, 's i Kara an aon neach a bhios a' farpais anns na cuairtean deireannach a-nochd.