Bidh sgioba a' Bhac an dòchas an deireadh-sheachdain a chrìochnachadh co-dhiù dà phuing air thoiseach air chàch aig mullach Lìog Leòdhais agus na Hearadh. Tha iad a' cluich Nis air falbh bhon taigh oidhche Haoine.
Ma tha An Taobh Siar airson ceann a' mhaide a' chumail riutha, feumaidh iad na trì puingean a thogail an aghaidh an Rubha.
Tha Càrlabhagh còig puingean air cùlaibh A' Bhac, agus trì air cùlaibh nan Siarach, ach tha geam a bharrachd aca ri chluich agus shaoileadh tu gum biodh iad ro làidir do na Lochan aig an taigh.
San gheama eile ann an Lìog Leòdhais agus na Hearadh Dihaoine, tha an dà sgioba à Steòrnabhagh a' coinneachadh is Aths a' cur fàilte air United.
Chan eil geamannan ann an Lìog Uibhist is Bharraigh an deireadh-sheachdain sa idir, agus ann an Lìog Iar Thuath na Gaidhealtachd, tha Malaig a' cur fàilte air Slèite is an t-Srath agus an lìog air sgarradh. Chan eil ach trì puingean eadar na sgiobaidhean air fad, le Slèite is an t-Srath sa chiad àite le 22 puing agus Malaig dìreach air an cùlaibh air 20.
Chan eil ach trì sgiobaidhean sa bhuidheann, mar sin tha an Gearasdan, aig a' bheil 19 puingean, nan tàmh.
Tha na trì sgiobaidhean aig bonn na lìog a-nis a' farpais airson Cupa Chlann Dòmhnaill. Tha Iar Thuath an Eilein Sgitheanaich a' cur fàilte air Caol Àcainn le Port Rìgh aig fois. Tha na trì sgiobaidhean sin a' toiseachadh a-rithist gun phuing.