Spòrs

Latest updates

  1. Bonn umha do sgioba ball-coise nam banair fhoillseachadh aig 13:50 TSB 18 An t-Iuchar 2025

    Às dèidh briseadh-dùil an là an-dè, thog sgioba ball-coise nam ban aig WIIGA iad fhèin airson a' bhonn umha a bhuannachadh aig Geamannan nan Eilean.

    Rinn iad a' chùis air Gozo an-diugh 3-0 airson deagh chrìoch a chur air an iomairt aca ann an Arcaibh.

    Tha Eilean Mhanainn, a rinn a' chùis air na h-Eileanan an Iar air breaban-peanais, a' cluich Bermuda sa chuairt dheireannach.

  2. Soirbheachas san leth-mharatonair fhoillseachadh aig 13:08 TSB 18 An t-Iuchar 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Bhuannaich Mhairi Hall bonn umha ann an leth-mharaton nam ban aig Geamannan nan Eilean ann an Arcaibh.

    Chrìochnaich Hall ann an 1:23:58.00, beagan is sia mionaidean air culaibh an tè a' bhuannaich an rèis, Crista Cain à Eilean Mhanainn, agus dìreach 21 dìog air cùlaibh Jessica Troy à Jersey a bh' anns an dàrna àite.

    A bharrachd air soirbheachas pearsanta thog na h-Eileanan an Iar am bonn òir airson farpais nan sgiobaidhean, le Mhairi san treasamh àite, Muriel NicLeòid san ochdamh àite agus Ailyn NicAoidh san 21mh àite.

  3. Briseadh-dùil dha sgioba nam fear agus nam ban aig WIIGA anns a' bhall-coise air fhoillseachadh aig 10:47 TSB 18 An t-Iuchar 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    'S e briseadh-duil a bh' ann dhan an dà chuid sgioba nam fear agus nam ban aig WIIGA anns a' bhall-coise Diardaoin.

    Chaill an dà sgioba air breaban peanais air a' cheann thall, le iomairt nam fear a' tighinn gu ceann.

    Tha aon gheama eile aig na boireannaich an-diugh ge-tà, is iad a' cluich Gozo airson a' bhonn umha.

  4. PB ùr do Sheonaidh MacAonghais san 5,000mair fhoillseachadh aig 10:17 TSB 18 An t-Iuchar 2025

    Seonaidh MacAonghaisTùs an deilbh, WIIGA

    Bha fìor dheagh rèis aig Seonaidh MacAonghais san 5000m oidhche Dhiardaoin is e crìochnachadh sa cheathramh àite, nas lugha na dà dhiog air cùlaibh nam bonn.

    Gu dearbh bha nas lugha na ceithir diogan eadar a' chiad agus an ceathramh àite.

    Le uair de 15:17.07 ge-tà, chaidh e nas luaithe na bha e air a dhol a-riamh roimhe san rèis sin.

    Bhrist e cuideachd an clàr aig WIIGA thar 5000m a bha air a bhith aig Connor MacIlleathain (15:18.14) bho Jersey ann an 2015.

  5. Golfairean nan Eilean Siarair fhoillseachadh aig 09:19 TSB 18 An t-Iuchar 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Chrìochnaich fireannaich nan Eilean Siar anns an t-siathamh àite ann am farpais nan sgiobaidhean sa ghoilf aig Geamannan nan Eilean.

    Bha Dàibhidh Black sa 15mh àite san fharpais do dhaoine fa leth, le Colin MacRisnidh san 22na àite, Edward Rodgers san 27mh àite agus Dòmhnall Iain MacLeòid san 36mh àite.

    A-mach às na 16 sgiobaidhean 's iad Eilean Mhanainn a bhuannaich am bonn òir, le dithis de na cluicheadairean aca cuideachd a' buannachadh bonn òir agus bonn airgid san fharpais do dhaoine fa leth.

    Ann am farpais nam ban bha Jane Nicolson às na h-Eileanan an Iar san 27mh àite agus Melanie Duff san 32na àite.

  6. Sgioba ball-coise nam ban a' coimhead ri cothrom an aghaidh Gozoair fhoillseachadh aig 08:16 TSB 18 An t-Iuchar 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Briseadh-dùil, ach cothrom an aghaidh Ghozo

    Briseadh dùil an-dè do sgioba ball-coise nam ban aig na h-Eileanan an Iar, is iad a' call air breaban-peanais ri Eilean Mhanainn, ach tha cothrom aca fhathast air bonn, is iad a' cluich Gozo an-diugh.

  7. Kara Hanlon ag iarraidh an ath ghinealach a bhrosnachadhair fhoillseachadh aig 08:09 TSB 18 An t-Iuchar 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Kara Hanlon

    Tha Kara Hanlon air ceithir bunn òir agus bonn umha a chosnadh aig Geamannan nan EIlean.

    Bhiodh sin gu leòr do chuid ach tha Kara cuideachd airson an ath ghinealaach de luchd-snàimh anns na h-eileanan a bhrosnachadh gus feuchainn ris an t-shlighe a ghabh i fhèin san spòrs a leantainn.

  8. Bonn òir eile do sgioba nan Eilean Siar air a' chòigeamh là an Arcaibhair fhoillseachadh aig 20:59 TSB 17 An t-Iuchar 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Ghlèidh sgioba nan Eilean Siar bonn òir eile aig Geamannan nan Eilean ann an Arcaibh, is Kara Hanlon a' buannachadh rèis an 100 meatair individual medley.

    Seo mar a chaidh sin agus na naidheachdan eile bho Arcaibh aithris air An Là.

  9. Fir nan Eilean Siar troimhe chun na cuairt deireannaichair fhoillseachadh aig 19:29 TSB 17 An t-Iuchar 2025

    Sgioba ruith WIIGATùs an deilbh, WIIGA

    Tha sgioba ruith nam fear aig na h-Eileanan an Iar troimhe chun na cuairt deireannaich dhen rèis relay 4x100m aig Geamannan nan Eilean.

    Chrìochnaich an sgioba de Thomas Brennan, Tony Wesley, Ewan Amos agus Hector Neally san treasamh àite sa heat aca le uair de 44.98, gam fàgail leis an t-siathamh uair as luaithe.

    Thèid an cuairt dheireannach a chumail feasgar Dihaoine.

  10. Ceathramh bonn òir dha Kara Hanlon air fhoillseachadh aig 18:40 TSB 17 An t-Iuchar 2025

    Kara Hanlon

    Bhuannaich Kara Hanlon rèis an 100m individual medley aig Geamannan nan Eilean gus an ceathramh bonn òir aice a' chosnadh.

    Chrìochnaich Kara ann an 1:02.92, an uair as luaithe a rinn i a-riamh anns an rèis seo.

    A bharrachd air bonn òir a-nochd, thàinig Kara am bàrr ann an rèisean 50m, 100m agus 200m breaststroke ann an Arcaibh. Fhuair I bonn umha san 200IM.

    Tha Kara a-nis air 17 buinn a' bhuannachadh aig Geamannan nan Eilean thar nam bliadhnaichean, barrachd na neach eile bho na h-Eileannan an Iar.

  11. Briseadh-dùil do sgioba ball-coise nam banair fhoillseachadh aig 14:50 TSB 17 An t-Iuchar 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Chaill sgioba nan Eilean Siar ri Eilean Mhanainn san iar-chuairt dheireannaich de dh'fharpais a' bhuill-choise.

    Bhuannaich Eilean Mhanainn 3-2 air breaban peanais às dèidh dhan gheam crìochnachadh 1-1 às dèidh ùine a bharrachd.

    Thàinig sin às dèidh do sgioba nan Eilean Siar Beth NicLeòid a chur eadar na puist aig fìor dheireadh a' gheama an àite Lisa Mason.

    Cluichidh Eilean Mhanainn a-niste an aghaidh Bhermuda sa chuairt dheireannaich. Rinn Bermuda a' chùis air Gozo 3-0.

    Thèid na h-Eileanan an Iar an aghaidh Gozo madainn Dihaoine airson dearbhadh cò bhuannaicheas am bonn umha.

  12. Ball-coise nam banair fhoillseachadh aig 13:59 TSB 17 An t-Iuchar 2025

    Tha an iar-chuairt dheireannach eadar sgioba nan Eilean Siar agus Eilean Mhanainn air a dhol gu ùine a bharrachd.

    Sin às dèidh dhan gheama crìochnachadh 1-1.

    Anns a' gheam eile tha Bermuda, a rinn a' chùis air na h-Eileanan an Iar sa chuairt dheireannaich an turas mu dheireadh ann an Guernsey, 2-0 air thoiseach air Gozo.

  13. Farpaisich san 5,000m air tòrr ionnsachadhair fhoillseachadh aig 13:41 TSB 17 An t-Iuchar 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Bha Catriona Bain is Ailyn NicAoidh a' ruith às leth WIIGA ann an cuairt dheireannach an 5,000m a-raoir.

    Ged nach d'fhuair iad bonn tha na geamaichean air còrdadh riutha gu mòr is iad air tòrr ionnsachadh.

    Tha iad an dòchas cothrom eile fhaighinn is an t-eòlas ùr a chur gu feum.

  14. Ball-coise nam banair fhoillseachadh aig 13:06 TSB 17 An t-Iuchar 2025

    Tha sgioba nan Eilean Siar co-ionnan 1-1 aig leth-ùine sa gheam aca le Eilean Mhanainn san iar-chuairt dheireannaich de dh'fharpais ball-coise nam ban.

    Chaidh sgioba WIIGA air thoiseach bhon spot-peanais tro Kyla McMurdo le beagan is 30 mionaid air a' ghleoc.

    Bha Eilean Mhanainn co-ionnan mu chòig mionaidean às dèidh sin ge-tà às dèidh tadhal bho Bhecky Cole.

    Tha sgioba nan Eilean Siar ag amas air a dhol aon cheum nas fhaide air an turas mu dheireadh ann an Guernsey nuair a bhuannaich iad am bonn airgid.

  15. Kara Hanlon air cuairt dheireannach eile a ruighinn aig Geamannan nan Eileanair fhoillseachadh aig 11:51 TSB 17 An t-Iuchar 2025

    Tòraidh na rèisean dearbhaidhTùs an deilbh, Orkney2025

    Tha Kara Hanlon air cuairt dheireannach eile a ruighinn aig Geamannan nan Eilean ann an Arcaibh.

    'S i Kara an treas tè a bu luaithe ann na rèisean dearbhaidh an 100 meatair medley shingilte madainn an-diugh.

    Chrìochnich i ann an 1:04.46, air cùlaibh Chloe Brown às Guernsey agus Eve Wood às Arcaibh. Bha Eva NicSuain anns an 18mh àite.

    Bidh a' chuairt dheireannach ann aig 6f a-nochd fhathast is Kara a' feuchainn air a ceathramh bonn òir de na geamannan agus an còigeamh bonn uile gu lèir tron t-seachdain.

  16. Kara ag amas air bonn eileair fhoillseachadh aig 09:07 TSB 17 An t-Iuchar 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Kara Hanlon a' bruidhinn ri Ailean MacLeòid oidhche Chiadain

    Gheibh a h-uile duine a tha a' farpais às leth nan Eilean ann an Arcaibh an-diugh spionnadh, tha fios, às na rinn Kara Hanlon san amar-snàimh a-raoir.

    Bonn òr eile - an turas seo san 100 meatair breaststroke - agus clàr eile.

    Seo an ceathramh bonn a tha Kara air buannachadh aig geamannan Arcaibh is 16 aice a-nise uile gu lèir.

    A' bruidhinn ri Ailean MacLeòid às dèidh làimh, thuirt Kara gu bheil teans fhathast gum bi i air ais aig Geamannan nan Eilean a-rithist.

    Chan eil i deiseil ann an Arcaibh fhèin is i ag amas an-diugh air bonn san 100 IM.

    'S e là trang a tha gu bhith air gu leòr eile ann an sgioba WIIGA.

    Nam measg tha sgioba ball-coise nam ban. Thèid an sgioba an aghaidh Eilean Mhanainn aig meadhan-là san iar-chuairt dheireannaich.

    Tha fir nan Eilean Siar cuideachd a' cluich an-diugh. Bidh iadsan an aghaidh Gozo sa gheama dearbhaidh 'son an 7mh is 8mh àite is an geama sin a' tòiseachadh aig 3:30f.

    Bidh aire cuideachd feasgar air lùth-chleasachd.

  17. Adhartas dha luchd-bogha WIIGAair fhoillseachadh aig 08:32 TSB 17 An t-Iuchar 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    'S e an-diugh an là mu dheireadh de dh'fharpaisean na boghadaireachd airson sgioba nan Eilean Siar.

    Chan eilear air bonn a bhuannachadh ach cha b' e sin an t-slat-tomhais a bha aca dhaibh fhèin, tha iad ag ràdh.

    Is tha an sgioba gu math cinnteach gu bheil iad air adhartas a dhèanamh.

  18. Bonn òir eile do sgioba nan Eilean Siar air a' cheathramh là an Arcaibhair fhoillseachadh aig 21:16 TSB 16 An t-Iuchar 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Ghlèidh sgioba nan Eilean Siar bonn òir eile aig Geamannan nan Eilean ann an Arcaibh, is Kara Hanlon a' buannachadh an rèis 100 meatair breastroke.

    Seo mar a chaidh sin agus na naidheachdan eile bho Arcaibh aithris air An Là.

  19. Abbie ag amas air bonn eileair fhoillseachadh aig 19:38 TSB 16 An t-Iuchar 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Bha deagh là aig Abbie Stiùbhart an-diugh cuideachd.

    Tha i troimhe gu cuairt dheireannach eile - is tha i ag amas air bonn eile.

  20. Bonn òir is clàr eile do Kara Hanlonair fhoillseachadh aig 19:03 TSB 16 An t-Iuchar 2025

    Kara Hanlon

    Ghlèidh Kara Hanlon an rèis 100 meatair breaststroke aig Geamannan nan Eilean.

    Stèidhich i clàr ùr ann a bhith ga dhèanamh.

    Chrìochnaich i ann an 1.06.21, a' toirt còrr air diog far a' chlàr a bha roimhe aig 1.07.28.

    Seo an ceathramh bonn a tha Kara air buannachadh aig geamannan Arcaibh.

    Tha i air trì buinn òir a chosnadh anns na tri rèisean breaststroke agus fhuair i bonn umha san rèis 200IM.

    Tha Kara a-nis air 16 buinn a ghlèidheadh uile gu lèir aig Geamannan nan Eilean, barrachd na neach eile bho na h-Eileannan an Iar, agus tha cothrom aice air bonn eile an ath-oidhche.

  21. Rèis rathaid nam fearair fhoillseachadh aig 18:55 TSB 16 An t-Iuchar 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Tha rèis rathaid nam fear air tighinn gu ceann le Brian Mac a' Phì a' crìochnachadh san 27mh àite le uair de 02:25:48, agus Iain MacArtair san 33mh àite le uair de 02:27:27.

    A' bruidhinn ris an sgioba againn ann an Arcaibh thuirt Iain gur e rèis chruaidh a bh' ann ach gun robh an dithis aca toilichte le mar a chaidh dhaibh.

    Bha nas lugha na diog eadar an fheadhainn a thog na buinn.

    'S e Tom Huelin à Jersey a bhuannaich am bonn òir, is e crìochnachadh le uair de 02:19:19, dìreach air thoiseach air Roberto Ledesma Estevez à Menorca (airgead) agus Tyler Hannay à Eilean Mhanainn (umha).

  22. Rèis rathaid nam fearair fhoillseachadh aig 16:08 TSB 16 An t-Iuchar 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Tha Brian Mac a' Phì agus Iain MacArtair às na h-Eileanan an Iar mar phàirt de bhuidheann a tha mu thimcheall air trì mionaidean air cùlaibh an fheadhainn a th' air thoiseach aig an ìre seo.

  23. Adhartas ann am boghadaireachdair fhoillseachadh aig 13:48 TSB 16 An t-Iuchar 2025

    Rochelle van Niekerk

    Deagh mhadainn a bh' ann sa bhoghadaireachd do Rochelle van Niekerk.

    Shoirbhich leatha anns a' chiad chuairt den fharpais compound 127-110 - a' chiad turas a tha i air geama head to head a bhuannachadh ann am farpais.

    Chaill i san dàrna cuairt ach tha i fìor thoilichte le mar a chaidh dhìth - mar a tha an còrr den sgioba.