MG ALBA: "Cothrom" an lùib Cairt ùr a' BhBC don Ghàidhlig

Cathraiche MG ALBA, Iain Moireasdan
  • Air fhoillseachadh

Tha cothrom an lùib ùrachadh Cairt a' BhBC do chraoladh Ghàidhlig, a rèir MG ALBA.

Dh'iarradh a' bhuidheann, am measg eile, maoineachadh nas seasmhaiche, ach cuideachd gum bi an cànan nas fhollaisiche an lùib sheirbheisean a' BhBC na tha i.

Tha MG ALBA a' ruith BBC ALBA ann an co-bhann leis a' BhBC.

Thig a' chairt a th' aig a' BhBC an-dràsta - na cùmhnantan fo bheil am BBC ag obair - gu ceann deireadh 2027, is co-chomhaire a' dol air càirt ùr.

Tha MG ALBA ag ràdh gum bu chòir do Rùnaire na Stàite, ann an còmhradh ri Ministearan na h-Alba, maoineachadh BBC ALBA is BBC Radio nan Gàidheal a dhearbhadh san aon dòigh agus aig an aon àm ri maoineachadh S4C sa Chuimrigh.

Dh'iarr iad gum biodh mìneachadh ann air dè an t-suim a tha a' tighinn bhon BhBC tron Chead TBh is dè an t-airgead a bhiodh a' tighinn à Ofcom airson MG ALBA.

Bheireadh seo "cinnt, seasmachd is co-ionnanachd," tha iad ag ràdh.

"Tha sinn uabhasach toilichte fhaicinn gu bheil am pàipear uaine a nochd an riaghaltas air bruidhinn mu dheidhinn dòigh mhaoineachaidh nas seasmhaiche dha MG ALBA," thuirt Cathraiche MG ALBA, Iain Moireasdan.

"Bhiodh sin uabhasach cudromach dhuinn, airson tha sinn air tuiteam fada fada air cùl nan cànan Ceilteach eile - gu sònraichte na Cuimrich.

"Tha na Cuimrich a' faighinn an airgid dìreach bho chead-chraolaidh a' BhBC, 's tha iad a' faighinn £100m a bharrachd air Gàidhlig.

"'S e a' cheist a tha sinne a' cur air Riaghaltas Bhreatainn, ciamar as urrainn dhuibh nuair a tha dà chànan Ceilteach agaibh, gu bheil sibh a' cur luach £100m a bharrachd gach bliadhna air aon chànan os cionn a' chànain eile?"

Tha mu 500,000 duine a' bruidhinn Cuimris, an taca ri mu 69,000 duine le Gàidhlig, ged a tha sheall an cunntas-sluaigh mu dheireadh gun robh còrr air 130,000 ann le comas a bhith a' bruidhinn, a' leughadh, a' sgrìobhadh air neo a' tuigsinn a' chànain.

Tha Mgr Moireasdan a' cumail a-mach gu bheil fàs craoladh tro mheadhan na Cuimris air fàs a thoirt air a' chànan fhèin.

"Tha iad an dèis a bhith air an eadhair dè 25 bliadhna nas fhaide oirnne, agus tha sin air buaidh a thoirt air a' chànan," thuirt e.

"Gheibh thu a h-uile seòrsa rud acasan - tha dà shiabann aca a' dol gach là den t-seachdain cha mhòr, aonan bho cheann a tuath na Cuimrigh, aonan bhon cheann a deas.

"Chan urrainn dhuinne coimhead air aon siabann a dhèanamh."

Tha Mgr Moireasdan ag ràdh gu bheil an suidheachadh seo a' toirt buaidh air obraichean, na ghabhas dèanamh de phrògraman agus na ghabhas cosg orra, agus air a' chànan fhèin cuideachd.

Tha MG ALBA ag iarraidh, thuirt e, gum bi seasamh na Gàidhlig nas cinntiche agus nas fhollaisiche taobh a-staigh sheirbheisean a' BhBC fon chairt ùr.

"Tha sinne ag iarraidh gu sònraichte air iPlayer a' BhBC gum biodh putan sònraichte ann far am faic thu prògraman Gàidhlig," thuirt e.

"Gus am bi iad cho furasta a lorg 's a tha prògram sam bith eile."

Tha iad cuideachd ag iarraidh gum bi cothrom aig daoine ann an dùtchannan air feadh an t-saoghail air prògraman Gàidhlig, rud nach eil ann an-dràsta.

Tha co-chomhairle phoblach, taobh a-muigh a' dol an-dràsta air Cairt ùr a' BhBC is ceist gu sònraichte mu na meadhanan Gàidhlig na cois.

Tha a' cho-chomhairle fosgailte chun an 10mh den Mhàrt.

Tha molaidhean MG ALBA an seo, taobh a-muigh.