Mèirle armaichte an Inbhir Nis

Seacaid Phoilis
  • Air fhoillseachadh

Tha na Poilis an Inbhir Nis a' sireadh fiosrachaidh an dèidh mar a chaidh airgead a ghoid bho dhuine air Sràid Tom na h-Iùbhraich air an deireadh-sheachdain.

Mu 02:10m Didòmhnaich, ghoid triùir mhèirleach aigead bho fhireannach a bh' ann an raon-parcaidh Tesco.

Bha triùir mhèirleach ann agus tha dùil gun robh sgian aig aon duine aca.

Bha aodach dorcha air na mèirlich agus bha na h-aodainnean aca air an còmhdachadh.

Dh'iarr na Poilis air duine sam bith a bh' anns an sgìre aig an àm agus a chunnaic càil fios a chur thuca.

Bu thoil leotha cluinntinn bho dhaoine cuideachd ma tha deilbh CCTV, dorais no dash-cam aca a dh'fhaodadh a bhith cuideachail.

Faodar fònadh gu Poileas Alba air 101, a' cleachdadh na h-àireimh-cùise 0543, Didòmhnaich a' 1d là den Mhàrt 2026.

Tha roghainn ann fios a chur gu Crimestoppers cuideachd air 0800 555 111.