"Tha sinn a' reic an t-uabhas fhathast" - An Rudhach aig 25

Tha Alasdair MacLeòid ag ràdh gur e An Rudhach an rud a b' fheàrr a thàinig a-mach anns an 25 bliadhna a dh'fhalbh - a bharrachd air na Reds...
- Air fhoillseachadh
Tha 25 bliadhna ann bho thòisich am pàipear ionadail An Rudhach agus iad ag amas air tachartasan sònraichte air a' mhìos seo gus a' chlach-mhìle a chomharrachadh.
Chaidh an iris mhìosail coimhearsnachd a stèidheachadh san Dùbhlachd 2000, agus e a' toirt seachad naidheachdan mu na tha a' dol 's na bha a' dol san Rubha, ann an Leòdhas.
A dh'aindeoin gach atharrachaidh a thaobh teicneòlais, 's e fhathast goireas cudromach a th' ann do mhuinntir na sgìre, agus e a' cumail feadhainn a tha a' fuireach air falbh ceangailte ris a' choimhearsnachd cuideachd.
"Tha mise a' smaoineachadh, uill a bharrachd air sgioba an Rubha "The Reds", gur e aon de na rudan a b' fheàrr a thàinig a-mach anns a' 25 bliadhna mu dheireadh," thuirt Alasdair MacLeòid, a bha roimhe na chathraiche air comataidh na h-iris.
"Tha e iongantach anns an là a th' ann an-diugh, tha fios againn nach eil daoine a' leughadh phàipearan-naidheachd - gu h-àraid òigridh - ach tha sinne a' cumail a' dol.
"Chan eil sinn a' reic uiread 's a b' àbhaist dhuinn ach tha sinn a' reic an t-uabhas fhathast."

Tha tarraing aig an iris do dhaoine, agus tha Tormod MacLeòid, a bhios tric a' cur phìosan sgrìobhte a-steach den bheachd gur e an fharsainneachd de stuth a th' ann as coireach.
"Tha tòrr chuspairean ann. Tòrr diofar sheòrsa sgrìobhaidh, diofar sgrìobhadairean," thuirt e.
"Bidh mise a' faighinn kick a-mach às - chan e na rudan a bhios mi fhìn a' sgrìobhadh ach a bhios daoine eile a' sgrìobhadh!"
Ann an coimhearsnachd bheag, chan fhada gun aithnich a h-uile duine thu ma sgrìobhas tu rudan ann, tha Tormod ag ràdh.
"'S e an rud as miosa dheth chan aithnich thusa iadsan, ach bidh fhios aig a h-uile duine dè an t-ainm a th' ortsa!
"'S e sin an aon rud a tha mi fhìn a' faighinn mu dheidhinn, ach tha e mìorbhaileach."

Bidh seann irisean a' dol air ais 25 bliadhna aig tachartasan a chomharrachadh na clach-mhìle
Tha dà thachartas gu bhith ann a chomharrachadh gun do ràinig an iris a' chlach-mhìle chudromach seo.
An toiseach anns an Tiompan anns an Àird feasgar Disathairne an 7mh là den Mhàrt eadar 2:00f agus 4:30f.
An uair sin Disathairne an 14mh là den Mhàrt, ann an Ionad Stoodie, cuideachd eadar 2:00f agus 4:30f.
"Bidh teatha, 's cofaidh, 's clabadaich gu leòr, 's bidh irisean a' dol air ais 25 bliadhna timcheall 's tha mi an dòchas gum bi deagh fheasgar againn," thuirt Alasdair.
"Tha sinne a' cur taing dhan sgìre airson na taic a chuir iadsan rinne thairis air na bliadhnaichean 's tha sinn an dòchas gun tig a h-uile duine a-mach."