Ìmpidh air Banca na h-Alba gun meur Bhaile a' Mhanaich a dhùnadh

Meur Banca na h-Alba ann am Baile a' Mhanaich
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh air Banca na h-Alba sùil às ùr a thoirt air a' mholadh am banca aca am Baile a' Mhanaich a dhùnadh

  • Air fhoillseachadh

Tha ceannard Comhairle nan Eilean Siar air sgrìobhadh gu Banca na h-Alba ag iarraidh orra ath-bheachdachadh air a' cho-dhunadh am meur aca am Baile a' Mhanaich a dhùnadh.

Tha an litir ga cur an dèidh coinneimh eadar riochdairean na Comhairle agus riochdairean Buidheann Bancaidh Lloyds, ris a bheil Banca na h-Alba an urra.

San litir aige, tha ceannard na Comhairle Pòl Steele a' mìneachadh nan draghan aca mun bhuaidh a bhios aig an dùnadh air coimhearsnachdan an Uibhist agus Beinn na Faoghla.

Tha Lloyds air a dhèanamh soilleir mar-thà nach bi iad deònach ath-bheachdachadh air a' cho-dhùnadh.

Rinn iad dìon air a' phròiseas aca agus thuirt iad gun do rinn iad cinnteach gum bi cothroman eile aig daoine air seirbheisean bancaireachd ionadail mus dèan iad co-dhùnadh.

Ge-tà, chàin an Comh. Steele mar a cho-dhùin am banca gum bi e furasta gu leòr do luchd-cleachdaidh a ghluasad gu bancadh didseatach.

"Chan eil mi ag aontachadh leis a' bheachd seo air sgàth nan dùbhlan a th' air a bhith ann le ceanglaichean didseatach agus fòn-làimhe,"thuirt e.

Tha e ag ràdh gu bheil cuid mhòr de luchd-cleachdaidh Banca na h-Alba an Uibhist is Beinn na Faoghla nas sine na 65 agus a' crochadh air seirbheis bancaidh aghaidh ri aghaidh.

Thuirt Mgr Steele gun do thog iad dragh le riochdairean a' bhanca mun mheasadh LINK, taobh a-muigh a rinn coimeas eadar an t-seirbheis a th' ann an-dràsta agus dòighean eile san sgìre airgead a tharraing.

Thuirt e gum biodh a' Chomhairle a' toirt freagairt do mheasadh LINK agus dh'iarr e air a' choimhearsnachd sin a dhèanamh cuideachd an seo, taobh a-muigh.

"Mura bi ath-bheachdachadh ann, feumaidh am banca coimhead air seirbheisean eile, mar Hub Bancaidh Coimhearsnachd, airson seirbheis iomchaidh a chumail ri luchd-cleachdaidh an Uibhist is Beinn na Faoghla," thuirt e.

Tha Banca na h-Alba ag ràdh gum faod daoine Oifis a' Phuist agus PayPoint ann an Bùth MacLennans a chleachdadh cho math ri feum a dhèanamh de na seirbheisean air-loidhne agus an app aca.

Thuirt iad gum bi iad a' cur fios air luchd-cleachdaidh airson innse dhaibh dè na seirbheisean bancaidh eile a tha rim faotainn dhaibh.