Iomairt sgoil ùr Mhuile "air gluasad gu ìre ùir"

Tha pàrantan airson 's gun tèid àrd-sgoil ùr a thogail ann am meadhan an eilein, seach ann an Tobar Mhoire
- Air fhoillseachadh
Coinnichidh luchd-iomairt sgoile ann am Muile ri Rùnaire an Fhoghlaim, Jenny Gilruth, 's iad air co-dhùnadh gun ath-thagradh a dhèanamh an aghaidh riaghladh cùirte.
Ged nach dèan iad ath-thagradh, tha iad ag ràdh nach eil an t-strì aca idir seachad.
Tha an luchd-iomairt ag iarraidh gur ann ann am meadhan an eilein a thèid àrd-sgoil ùr a thogail dha Muile, gus am faigh clann an Rois Mhuilich air a dhol ann seach a bhith a' cur na seachdain seachad san ostal anns an Òban.
Ach cho-dhùin Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid sa Mhàrt an-uiridh gur ann air làrach air taobh a deas Thobar Mhoire a dheadh gach cuid an t-àrd-sgoil ùr agus bun-sgoil ùr do Thobar Mhoire a thogail.
Tha an t-ùghdarras ionadail ag radh gum feum an dà leasachadh a bhith san aon àite.
Cho-dhùin Cùirt an t-Seisein sa Ghearran gun robh an dòigh san do thaghadh a' Chomhairle làrach Thobar Mhoire laghail, an dèidh don luchd-iomairt ath-sgrùdadh laghail iarraidh.
Tha an luchd-iomairt ag ràdh gun do sheall an riaghladh sin gun robh Achd nan Eilean "gu tur falamh".
Àrd-sgoil ùr air fàire do Mhuile
- Air fhoillseachadh25 An Giblean 2024
Deasbad mu àrd-sgoil ùir do dh'Eilean Mhuile
- Air fhoillseachadh7 An t-Samhain 2024
"Cuideam ga chur air a' choimhearsnachd" mu sgoil Mhuile
- Air fhoillseachadh27 An Lùnastal 2025
"Tha e a-niste dearbhte againn anns an lagh nach robh dleastanas laghail riamh air a' chomhairle beachdan na coimhearsnachd iarraidh a thaobh na làraich 'son na sgoile ùire," thuirt iad ann am brath.
"Gu dearbha, b' e tè de na prìomh argamaidean a chuir a' chomhairle air adhart sa chùirt nach robh anns a' cho-chonaltradh aca ach "foirmeileachd gun fheum".
"Chuir a' chùirt taic ris an t-seasamh sin, a' dearbhadh gu bheil an dleastanas co-chonaltradh brìghmhor a chumail fo Achd nan Eilean gu tur falamh."
Tha an luchd-iomairt ag ràdh nach e sin seasamh Riaghaltas na h-Alba idir, 's gun d' fhuair iad litir bho Jenny Gilruth mus do thòisich an t-ath-sgrùdadh laghail ag ràdh: "Tha ministearan Riaghaltas na h-Alba soilleir gu bheil dleastanas air Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid conaltradh a chumail leis a' choimhearsnachd ionadail air thoiseach air co-dhùnadh sam bith".
Taic do champas ùr Mhuile a thogail an Ceann a Deas Thobair Mhoire
- Air fhoillseachadh7 Am Màrt 2025
Stad rè-ùine air obair air campas sgoile ùr Mhuile
- Air fhoillseachadh28 An Lùnastal 2025
Suidheachadh Sgoil Mhuile sa chùirt
- Air fhoillseachadh13 An Dàmhair 2025
Thog iad ceist cuideachd mun sgeama mhaoineachaidh LEIP fom bi Riaghaltas na h-Alba a' pàigheadh 50% de chosgais togail sgoiltean ùra, ag ràdh gun deach a dhearbhadh gu bheil sin an aghaidh amasan Plana nan Eilean agus dleastanasan na h-Alba fo Chunnradh an UN air Còraichean Chloinne.
"Cha bheachdaich LEIP ach air an aon seòrsa sgoile 's a bh' ann roimhe a thogail," thuirt brath an luchd-iomairt.
"Tha an sònrachadh sin air a' chomhairle a chuingealachadh gu mòr, a' caolachadh na ceiste gu "càite an tog sinn sgoil ùr Thobar Mhoire" seach "càite am bu chòir dhuinn sgoiltean a stèidheachadh ann am Muile 'son foghlam a thoirt seachad gu cothromach?"
Thuirt iad gur e ro-innleachd shùbailte a tha a dhìth air Muile a thaobh maoineachadh foghlaim, a tha ga meas freagarrach air eileanan, agus gur e sin a dh'iarras iad air Rùnaire an Fhoghlaim nuair a choinnicheas iad rithe air an 18mh là den Mhàrt.
Is tha iad ag ràdh gun lean an iomairt aca.
"Le momentum a' togail air taobhan eile, tha sinn air co-dhùnadh nach b' e deagh chleachdadh a bh' ann den ùine 's den neart againn a bhith ag ath-thagradh an aghaidh breith an ath-sgrùdaidh laghail," thuirt iad.
"Tha an conaltradh às ùr le Rùnaire a' Chaibineit Jenny Gilruth agus obair leantainneach às ar leth le Jenni Minto BPA na chomharra gu bheil an t-sabaid airson clann Mhuile a' gluasad gu ìre ùir.
"S e sabaid a th' ann nach eil càil a dhùil againn a chall."