Fhuaireadh fireannach is boireannach marbh an taigh an Cataibh

- Air fhoillseachadh
Fhuaireadh cuirp boireannaich agus fireannaich aig taigh anns na Flobhachan ann an Cataibh.
Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm gu Tranndal Mòr, baile ann an Srath Healadail, deas air a' Mhealbhaich, aig mu 12:30f Diardaoin a chaidh an dèidh mar a chaidh dragh a nochdadh leotha mu dhithis.
Thuirt Poileas Alba nach eil iad den bheachd gu bheil càil amharasach ann mu mar a fhuair iad bàs, ach nach eil dearbhadh aca air mar a thachair fhathast.
Thuirt neach-labhairt gu bheil an sgrùdadh aig ìre thràth agus gu bheil oifigearan aig an làraich.
'S e talamh mòintich mòr a th' anns Na Flobhachan, le croitean agus tuathan nas motha.
Thuirt neach-labhairt nam poileas gun deach na cuirp a lorg am broinn an togalaich, faisg air Tranndal Beag.
Thuirt iad: "Tha sinn a' dèiligeadh ri na bàsan mar chùis neo-mhìnichte, ach chan eil sinn a' creidsinn gu bheil càil amharasach mu dheidhinn.
"Tha an sgrùdadh a' leantainn feuch dè a bu choireach ri na thachair.
"Tha oifigearan fhathast san sgìre agus 's urrainn do dhuine sam bith le fiosrachadh neo dragh a dhol a bhruidhinn riutha.
"Bidh sinn a' cur aithisg gu Neach-casaid a' Chrùin an ceann ùine."