Call ach dòchas do bhoireannaich na h-Alba an Inbhir Nis

Eilidh ShoreTùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,

'S i Eilidh Shore an sgiobair a bh' aig Alba ann an Inbhir Nis oidhche Luain

  • Air fhoillseachadh

Thuirt manaidsear sgioba nam ban aig Alba Fo 23 gun do dh'ionnsaich iad na h-uimhir bhon gheama an aghaidh na h-Òlaind ann an Inbhir Nis oidhche Luain, ged a chaill iad 4-0 air a' cheann thall.

Thuirt Michael McArdle cuideachd gum bi barrachd gheamaichean aig tuath.

Bha tadhal bho Liz Rijsbergen air na Duitsich a chur 1-0 air thoiseach aig letheach-slighe, is chuir dà thadhal ann am beagan mhionaidean san dàrna leth bho Lynne Groenewegen is Rijsbergen a-rithist an geama seachad air Alba.

Chuir Addie Handley am ball dhan lìon aice fhèin anns na mionaidean mu dheireadh is an geama a' crìochnachadh 4-0.

"Bha fios againn gum biodh e doirbh agus 's e sin as coireach gun do chuir sinn na geamaichean seo air dòigh," thuirt McArdle.

"Chluich cuid de na nigheanan fìor mhath is 's e ceum air adhart a bh' ann dhaibh. Tha sin na thogail mòr dhuinn."

Nochd 1,042 aig Pàirc Chaledonian, an sluagh as motha thuige seo ann an Inbhir Nis 'son geama ann am ball-coise nam ban.

Thug sin misneachd do McArdle cuideachd.

"Tha an spòrs againn a' fàs is tha dleastanas oirnn feadhainn eile a bhrosnachadh.

"Bha sinn airson geama a thoirt chun na Gàidhealtachd is tillidh sinn.

"A bhith an seo is còrr is 1000 an làthair, fiù 's a bhith a' faicinn òigridh a' bruidhinn ris na cluicheadairean aig deireadh a' gheama, 's e sin an rud as cudromaiche a thaobh geama a bhith againn an seo."

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte