Spòrs

Latest updates

  1. Caibideil ùr aig ICTair fhoillseachadh aig 15:35 TSB 15 An t-Sultain 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Chomharraich Caley Thistle Inbhir Nis tighinn a-mach à rianachd le buaidh 1-0 an aghaidh Cove Rangers oidhche Shathairne.

    Tha Ailean Savage, leis a bheil an cluba a-nise, ag ràdh gu bheil iad ann an suidheachadh làidir.

    Tha Earsaidh MacIlleathain am measg luchd-leantainn a tha a' dèanamh gàirdeachais.

  2. Ceum mòr do Cheann a' Ghiùthsaichair fhoillseachadh aig 11:21 TSB 15 An t-Sultain 2025

    Ceilteach an ÒbainTùs an deilbh, Comann na Camanachd
    Fo-thiotal an deilbh,

    Fhuair Ceilteach an Òbain a' phuing a bha a dhìth orra gus Lìog Deas 1 a bhuannachadh

    'S e seachdain mhòr a th' anns an iomain is Ceann a' Ghiùthsaich is Baile Ùr an t-Slèibh gus coinneachadh sa chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd Disathairne.

    Thèid Kings a-steach dhan gheama sin ann am fìor dheagh shunnd is iad air ceum mòr a ghabhail Disathairne nan oidhirp greim a chumail air a' Phrìomh Lìog.

    Rinn iad an gnothach air Camanachd an Òbain 4-2 aig an Dell, a' leum seachad air an Òban gu mullach na lìge.

    Tha trì geamaichean lìge air fhàgail aig Ceann a' Ghiùthsaich - is coltas glè chudromach air an fhear an ath-mhìos an aghaidh a' Ghearasdain - ach tha iad a-rithist ann an suidheachadh làidir.

    Tha am Baile Ùr fhèin gu ìre mhòir a-mach às an rèis aig a' mhullach ach dheasaich iad fhèin gu math 'son na cuairt deireannaich le droinneadh 4-0 a thoirt air Lòbhat.

    Dhearbh sin gur e Lòbhat a thèid sìos bhon Phrìomh Lìog leis na nàbaidhean aca bhon Mhanachainn.

    Chuir a' Mhanachainn fhèin crìoch air seusan doirbh is iad a' call 5-3 ri Caol Bhòid.

    Bha fios mar-thà gun robh Loch Abar gus tilleadh dhan Phrìomh Lìog is iad air an Lìog Nàiseanta a bhuannachadh.

    Fhuair iad duais na lìge Disathairne is iad aig an dearbh àm a' dèanamh sgrios air planaichean GMA a dhol suas còmhla riutha.

    Rinn na h-Abraich an gnothach 3-0 ann an Glaschu, a' fàgail gum feum GMA a-nise pronnadh a thoirt air Gleann Urchadain sa gheama mu dheireadh acasan gus cothrom a bhith aca air an dàrna àite, far a bheil Caol-Gleann an-dràsta.

    Tha Eilean Bhòid fhathast le deagh chothrom cuideachd is thèid iadsan os cionn Caol-Gleann ma nì iad a' chùis air Inbhir Aora sa gheama mu dheireadh acasan.

    Chaidh tiotal eile a dhearbhadh Disathairne is Ceilteach an Òbain a' buannachadh Lìog Deas 1.

    Chrìochnaich iad 2-2 an aghaidh nan nàbaidhean aca Lochside Rovers is sin gu leòr 'son an duais a dhearbhadh - agus togail a thoirt do Raibeart Mac an t-Saoir air thoiseach air Cupa Ryder cuideachd.

  3. Slèite is Barraigh air soirbheachadhair fhoillseachadh aig 09:13 TSB 15 An t-Sultain 2025

    Bha geamaichean mòra gu leòr ann aig an deireadh-sheachdain air a' chosta an iar a thuileadh air Lìog Leòdhais.

    Seachdain às dèidh do Mhalaig Lìog Taobh Siar na Gàidhealtachd a bhuannachadh is iad air crìochnachadh puing air thoiseach air Slèite is an Srath, 's ann a fhuair na Sgitheanaich dìoghaltas orra gu ìre le Cupa Rois a thogail.

    Chrìochnaich a' chuairt dheireannach ann an Caol Acainn 4-1 dha Slèite.

    'S iad Gordy McCarroll, Ben Yoxon, Iain MacIllìosa is Daibhidh MacAsgaill a bh' air an targaid do Shlèite is Connor MacFhionghain a' freagairt do Mhalaig.

    Ann an Lìog Uibhist is Bharraigh tha cùisean air a bhith glè fhaisg eadar Barraigh is Saints an Iochdair am-bliadhna is play-off ri tighinn eatorra fhathast 'son an tiotail.

    Cha robh dad faisg air a' cheann thall mu chuairt dheireannach Chupa Billy McNeil aig an deireadh-sheachdain ge-tà is Barraigh a' buannachadh 5-1.

    Chuir Charlie Galbraith trì tadhail dha na Barraich is Ryan MacNeacail is Seumas Davidson cuideachd air an targaid.

    'S e Iain Dòmhnallach a fhuair tadhal Saints, a' toirt a' gheama air ais gu 2-1 tràth san dàrna leth mus do ghabh Barraigh smachd air gnothaichean.

  4. Am Bac air Lìog Leòdhais is na Hearadh a bhuannachadhair fhoillseachadh aig 18:59 TSB 14 An t-Sultain 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Ghlèidh sgioba a' Bhac Lìog Leòdhais agus na Hearadh Disathairne airson a' chiad turas ann an ceithir bliadhna deug.

    Dh' fheumadh iad a' chùis a' dhèanamh air na Hearadh agus 's e sin a-rinn iad air beulaibh sluagh mòr ann an Col Uarach.

    Tha Calum MacIllinnein ag aithris.

  5. Spòrs na Seachdainair fhoillseachadh aig 15:39 TSB 13 An t-Sultain 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Spòrscast còmhla ri Iain Moireasdan

    Cò bhuannaicheas Lìog Leòdhais & Na Hearadh? Am Bac neo An Taobh Siar?

    Sin agus gu leòr eile air prògram na seachdain-sa.

    Èistibh a-rithist gu h-àrd.

  6. "Momentum" aig a' Bhacair fhoillseachadh aig 11:08 TSB 12 An t-Sultain 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    'S e là mòr a th' ann Disathairne ann an Lìog Leòdhais is na Hearadh is am Bac is an Taobh Siar a' strì 'son an tiotail air an là mu dheireadh.

    Tha Seumas MacArtair bhon Bhac ag ràdh gu bheil iad ann an sunnd is e an dòchas gu bheil eachdraidh air an taobh cuideachd.

  7. "Mura biodh amar-snàimh an Lìonal cha bhiodh Kara far a bheil i"air fhoillseachadh aig 13:34 TSB 11 An t-Sultain 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Tha màthair Kara Hanlon am measg na tha a' togail dragh mu phlana 'son dà amar-snàimh an Leòdhas a dhùnadh.

    Tha Kara air snàmh aig Geamaichean a' Chlo-Fhlaitheis is air soirbheachadh aig Fàrpaisean Snàimh Bhreatainn, a thuilleadh air cruinneachadh iongantach de bhuinn Gheamannan nan Eilean a chàrnadh.

    Tha Comhairle nan Eilean Siar an-dràsta a' beachdachadh air na h-amaran-snàimh aig Sgoil Shiaboist agus Sgoil Lìonail a dhùnadh mar oidhirp air na leabhraichean aca a chothromachadh.

    Tha iad ag ràdh gu bheil cuideam air buidseatan a' ciallachadh gu bheil aca ri gearraidhean a dhèanamh ann an seirbheisean nach eil riatanach.

  8. Am Bac ceum nas fhaisge air an tiotalair fhoillseachadh aig 09:03 TSB 11 An t-Sultain 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Ghabh am Bac ceum mòr a dh'ionnsaigh Lìog Leòdhais is na Hearadh a bhuannachadh nuair a rinn iad a' chùis 2-1 air an Rubha oidhche Chiadain.

    'S iad na Rubhaich a chaidh air thoiseach is ochd mionaidean air an cluich ann an Col Uarach is Aonghas Dòmhnallach air an targaid.

    Fhuair am Bac tadhal air ais an ìre mhath sgiobalta ge-tà tro Eòghann Dòmhnallach is bha na sgiobaidhean co-ionnan 1-1 aig letheach slighe.

    Thàinig an tadhal a chuir am Bac air thoiseach tràth san dàrna leth bho Chonnor MacAoidh.

    Bha buille ann dhan Rubha goirid às dèidh sin is Aonghas Dòmhnallach air a chur far na pàirce is chrìochnaich an geama 2-1 air a' cheann thall.

    Tha na Bacaich a-nise air leum puing os cionn an Taobh Siar a' dol a-steach dha na geamaichean mu dheireadh Disathairne.

    Bidh am Bac aig an taigh an aghaidh na Hearadh is an Taobh Siar a' cur fàilte air Nis.

  9. Davidson na leas-mhanaidsear aig Countyair fhoillseachadh aig 10:49 TSB 10 An t-Sultain 2025

    Callum DavidsonTùs an deilbh, SNS

    Dh'ainmich Ross County gu bheil iad air seann mhanaidsear St Johnstone, Callum Davidson, fhastadh mar leas-mhanaidsear.

    Bhuannaich Davidson Cupa na h-Alba agus Cupa na Lìge na ùine os cionn sgioba Pheairt.

    Bha e mu dheireadh na mhanaidsear aig Queen's Park far an robh e aig an stiùir airson ceithir mìosan deug.

    Tha seo a' tighinn seachdain as dèidh do Tony Docherty a bhith air ainmeachadh mar mhanaidsear ùr Ross County.

    "Tha mi gu math toilichte Callum a thoirt chun a' chluba," thuirt Docherty.

    "Tha e a' toirt leis tòrr eòlais bho àm shoirbheachail a' cluich agus na mhanaidsear.

    "Tha na h-aon seòrsa bheachdan againn mu bhall-coise, agus leis gu bheil sinn obrachadh còmhla ron seo, tha mi cinnteach gun toir e deagh bhuaidh air an sguad," thuirt e.

    Tha Ross County an-dràsta aig bonn an Championship is gun iad ach air dà phuing a thogail bhon chiad còig geamaichean aca.

    Thèid iad an aghaidh Ayr United air falbh bhon taigh san ath gheam aca Disathairne.

  10. Trì puingean eile dhan Bhacair fhoillseachadh aig 09:04 TSB 9 An t-Sultain 2025

    Tha sgioba a' Bhac a-nise dìreach dà phuing air cùl an Taobh Siar aig mullach Lìog Leòdhais às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air na Lochan 6-0 oidhche Luain.

    Chuir Louie Dòmhnallach trì tadhail is an fheadhainn eile a' tighinn bho Jamie MacFhionghain, Connor MacAoidh agus Dylan MacÌomhair.

    Bidh sùil a-nise air geama fìor mhòr oidhche Chiadain nuair a thèid am Bac an aghaidh An Rubha.

    Tha na Bacaich feumach air na trì puingean an sin 'son a dhol gu mullach na lìge air thoiseach air na geamaichean mu dheireadh den t-seusan Disathairne.

    Sa gheama eile oidhche Luain leum na Hearadh os cionn Nis nuair a rinn iad an gnothach orra 4-0 aig na Còig Peighinnean.

  11. Cupa Amaitearach na Gàidhealtachdair fhoillseachadh aig 09:52 TSB 8 An t-Sultain 2025

    Thog Baile Màiri Cupa Amaitearach na Gàidhealtachd is iad air a' chùis a dhèanamh 3-1 air An Inbhir ann am Farrais.

    'S iad Louis Mac a' Phearsain, Ryan Dryburgh is John Beattie a fhuair na tadhail do Bhaile Mhàiri is Shaun MacAlasdair a' freagairt dhan Inbhir.

    'S e Blair Moireasdan (a tha cuideachd aithnichte mar chluicheadair iomain le Cabar Fèidh) a chaidh ainmeachadh mar shàr-chluicheadair an fheasgair.

    'S e seo a' chiad turas bho 1990 a bhuannaich Baile Màiri an cupa agus an treas turas uile gu lèir.

    Bha iad mar-thà air Lìog is Cupa Inbhir Nis a thogail am-bliadhna.

  12. Malaig air an tiotal a bhuannachadhair fhoillseachadh aig 09:26 TSB 8 An t-Sultain 2025

    Bhuannaich Malaig Lìog Taobh Siar na Gàidhealtachd is iad fhèin is Slèite is an Srath air crìochnachadh 3-3 sa gheama mu dheireadh den t-seusan Disathairne.

    Bha Slèite feumach air na trì puingean airson greim a chumail air an tiotail ach ann am feasgar làn dràma san Àth Leathann anns an robh sia tadhail - is Slèite cuideachd air fàiligeadh breab-peanais a chur dhan lìon - fhuair Malaig a' phuing a bha a dhìth orra air a' cheann thall.

    Chan eil an dràma buileach seachad ge-tà, is na sgiobaidhean gus coinneachadh a-rithist Disathairne seo tighinn anns a' chuairt dheireannaich de Chupa Rois.

  13. Cupa Valerie Fhriseil air ais am Bàideanachair fhoillseachadh aig 09:11 TSB 8 An t-Sultain 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    'S dòcha gu bheil am pàrtaidh a' dol fhathast ann am Bàideanach às dèidh dhan sgioba Cupa Valerie Fhriseil a bhuannachadh air an deireadh-sheachdain - is an dàrna sgioba cuideachd a' soirbheachadh.

    'S e 2-0 a bh' ann do Bhàideanach an aghaidh Loch Abair aig an Eilean ann am Baile Ùr an t-Slèibh ann an Cupa Valerie Fhriseil.

    Chaidh Bàideanach air thoiseach tràth le tadhal bho Megan Ralph.

    Rinn iad an dearbh rud tràth san dàrna leth is Hope Borthwick leis an dàrna tadhal.

    Ged a bha gu leòr den bhall is cothroman gu lèor aig na h-Abraich tron fheasgar, cha b'urrainn dhaibh dòigh fhaighinn air ais dhan gheama.

    'S e dìoghaltas a bha seo do Bhàideanach is Loch Abar air a' chùis a dhèanamh orrasan 1-0 sa chuairt dheireannaich an-uiridh.

    Tha geama mòr ri thighinn fhathast eadar an dà sgioba is play-off gu bhith ann 'son tiotal na lìge Didòmhnaich an 5mh den Dàmhair.

    Nas tràithe air an là Disathairne bha an dàrna sgioba aig Bàideanach air an Cupa Dhùbhlan a thogail.

    Rinn iadsan an gnothach 7-5 air Inbhir Nis.

  14. An Rubha a' glèidheadh Cupa Mholdòbhaair fhoillseachadh aig 17:46 TSB 7 An t-Sultain 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    'S iad an Rubha a bhuinnig Cupa Mholdòbha oidhche Shathairne.

    Rinn iad a' chùis air na Hearadh 4-3 às dèidh dhaibh ùine a bharrachd a chluich.

    Chuir na Rubhaich dà thadhal anns na mionaidean mu dheireadh gus an geama a bhuannachadh, is iad cuideachd air tadhal a chur faisg air deireadh nan 90 mionaidean gus an geama a thoirt gu ùine a bharrachd.

    B' e seo a' chiad chupa a choisinn na Rubhaich bho 2022.

    Tha sgeulachd a' gheama aig Calum MacIllinnein.

  15. An Taobh Siar a' neartachadh an àite aca aig a' mhullachair fhoillseachadh aig 16:15 TSB 6 An t-Sultain 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Ann an Lìog Leodhais agus na Hearadh oidhche h-Aoine, neartaich an Taobh Siar an t-àite aca aig mullach chùisean às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Càrlabhagh le trì gu dhà.

    Tha seo gam fàgail 5 puingean air thoiseach air na Bacaich a tha san dàrna àite le dìreach aon gheama air fhàgail aig na Siaraich san lìog.

    Le sgeualachd a' gheama bhon an-raoir, seo Javen Houston.

  16. Spòrs na Seachdain còmhla ri Iain Moireasdanair fhoillseachadh aig 13:12 TSB 6 An t-Sultain 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    An t-seachdain-sa tha Iain Moireasdan agus an sgioba a' toirt sùil air ais air mar a thòisich iomairt na h-Alba airson Cupa na Cruinne a ruighinn.

    A thuilleadh air a sin cuairt dheireannach Cupa Valerie Fhriseil san iomain, rugbaidh, teanas is gu leòr eile.

  17. Dùil ri geama teann ann an Cuairt Dheireannach Valerie Fhriseilair fhoillseachadh aig 18:25 TSB 5 An t-Sultain 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Bàideanach is Loch Abar an Cuairt Dheireannach Chupa Valerie Fhriseil

    Coinnichidh Bàideanach is Loch Abar ann an Cuairt Dheireannach Chupa Valerie Fhriseil 'son an dàrna bliadhna ann an sreath.

    'S beag a th' air a bhith eadar na sgiobaidhean o chionn ghoirid, mar a tha Javen Houston ag aithris.

  18. "Bidh ceann goirt is aithreachas orm"air fhoillseachadh aig 15:47 TSB 5 An t-Sultain 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    'S ann le dòchas seach cinnt a tha luchd-taic na h-Alba a' coimhead air adhart ris an iomairt dearbhaidh 'son Cuach na Cruinne.

    Tha Eilidh Lewsey ag ràdh gu bheil fadachd oirre ris an là a ruigeas Alba Cupa na Cruinne a-rithist.

  19. Amasan manaidsear ùr Ross Countyair fhoillseachadh aig 19:28 TSB 4 An t-Sultain 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Tha Tony Docherty air a bhith a' bruidhinn mu na h-amasan aige do Ross County.

    Ghabh Docherty an obair an dèidh do Don Cowie fàgail an t-seachdain seo chaidh is droch thoiseach tòiseachaidh aige air an t-seusan seo.