Dè tha “Recommendations” a’ ciallachadh?

Air ùrachadh: 24 Am Faoilleach 2026

Nuair a tha thu air soidhnigeadh a-steach chun BhBC, cuiridh sinn molaidhean thugad a tha sinn a’ smaoineachadh a chòrdas riut. Mar sin, an cois a bhith a’ faicinn dè as còrdaichte, gheibh thu cuideachd lorg air stuthan eile a dh’fhaodadh tu a bhith an ìmpis call.

Cò air a tha molaidhean stèidhichte?

Tha ar molaidhean stèidhichte air mar a tha thu a’ cleachdadh a’ BhBC. Mar eisimpleir, ma tha thu a’ coimhead tòrr phrògraman nàdar, dh’fhaodadh gum mol sinn prògram aithriseach ùr bho David Attenborough.

Bidh sinn cuideachd a’ moladh rudan a tha a’ còrdadh ri daoine le na h-aon thoilean. Agus san aon dòigh bidh sinn a’ moladh rudan a tha a’ còrdadh riutsa do na daoine sin.

Càit an lorg mi molaidhean?

Thathas a’ cleachdadh molaidhean gus turas an neach-cleachdaidh a leasachadh air iomadh ùrlar BBC. Gheibh thu iad air BBC HomepageBBC iPlayer, agus BBC Sounds.

Ann an cuid de dh’àiteachan, tha molaidhean pearsanta gu follaiseach air an ainmeachadh ann an cuibhreannan mar “Recommended for you”, “If you liked…”, no “Music You’ll Love”. Ann an àiteachan eile – leithid an òrdugh agus an taghadh de shreathan air duilleag-dachaigh iPlayer – chan eil iad air an ainmeachadh gu soilleir. Tha cuid de mholaidhean nach eil pearsanaichte ach a tha gad thoirt a lorg stuthan coltach. Mar eisimpleir, tha roinn “More Like This” air duilleagan phrògraman iPlayer a’ moladh phrògraman a tha coltach.

Tha sinn a’ leudachadh ar comasan molaidhean a dhèanamh gus gealltainn gu bheil sinn a’ taisbeanadh nan stuthan a tha ga do ghlacadh agus as buntainniche dhutsa air feadh na tha sinn a’ tabhainn air gach ùrlar.

Ciamar a chuireas mi stad air molaidhean?

Bidh sinn a' cumail d' fhiosrachadh teàrainte, a rèir ar Poileasaidh air Prìobhaideachd agus Cookies. Faodaidh tu leughadh mu dè bhios sinn a' dèanamh leis an dàta agad an seo.

Mura bheil thu fhathast ag iarraidh molaidhean, faodaidh tu do sheataidhean pearsanachaidh atharrachadh sa chunntas BBC agad.

Atharraich cànan:

Rebuild Page

The page will automatically reload. You may need to reload again if the build takes longer than expected.

Useful links

Demo mode

Hides preview environment warning banner on preview pages.

Theme toggler

Select a theme and theme mode and click "Load theme" to load in your theme combination.

Theme:
Theme Mode: